Tha 81% den mhòr-shluagh ann an Alba den bheachd gu bheil e cudromach nach caillear dualchas na Gàidhlig a-rèir rannsachadh ùr a tha air fhoillseachadh an-diugh.

Tha an aithisg, Beachdan a’ Mhòr-Shluagh air Gàidhlig (Public Attitudes Towards the Gaelic Language) a’ dèiligeadh ri iomadach ceist co-cheangailte ris a’ chànan, mar cleachdadh, teagasg agus dualchas. Tha an aithisg a’ mìneachadh gu bheil:

  • 65% den bheachd gum bu chòir barrachd a dhèanamh airson Gàidhlig a bhrosnsachadh ann an Alba
  • 81% den bheachd gu bheil e cudromach nach caill Alba dualchas na Gàidhlig
  • 70% den bheachd gum bu chòir barrachd chothroman a bhith ann airson Gàidhlig ionnsachadh
  • 90% den bheachd gum bu chòir Cnuasachadh na h-Alba (Scottish Studies) a theagasg ann an sgoiltean
  • 53% airson Gàidhlig a bhith nas follaisiche air feadh Alba

Thuirt an neach-ionnsachaidh Daibhidh Mac an t-Sutharlanaich

“Tha na clasaichean Ùlpan a tha rim faotainn airson luchd-obrach Comhairle Bhaile Ghlaschu air a bhith spòrsail ‘s aig an aon àm uabhasach èifeachdadh mar dhòigh cànan ionnsachadh, a tha cuid a’ cumail a-mach a tha gu math doirbh.”Chan robh èolas sam bith air Gàidhlig aig a mhòr-chuid ro-làimh ‘s mar sin tha e iongantach mar a tha iad a-nis a’ bruidhinn agus a’ tuigsinn na tha daoine eile ag ràdh ann an ùine ghoirid. Tha na clasaichean air a bhith uabhasach cuideachail, a’ neartachadh na dh’ionnsaich mi ann an clasaichean gràmair a bharrachd air stòr fhaclan ùr agus misneachd a thaobh bruidhinn a thoirt dhomh.”

(from: http://www.scotland.gov.uk)